Ro-ràdh na Cathraiche
Tha prìomh
àite aig JNCC ann a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil
glèidhteachas nàdair aig cridhe na tha a' tachairt ann an
leasachadh seasmhach san RA. Ged nach eil ar n-ìomhaigh àrd, tha
sinn nar pàirt dhen 'ghlaodh uaine' a tha a' cumail ri chèile
diofar oidhirpean glèidhteachais anns na ceithir dùthchannan san
RA; agus tha sinn cuideachd ag obair còmhla ri Defra agus còmhla ri
buidhnean eile gus dèanamh cinnteach gu bheil glèidhteachas
freagarrach a' gabhail àite ann an Dùthchannan Eisimeileach a'
Chrùin agus sna Tìrean Thall Thairis.
Tha an obair againn a' ceangal obair buidhnean nan diofar
dhùthchannan, a tha a rèir nan riaghaltasan aca fhèin, agus a rèir
an t-suidheachaidh eadar-nàiseanta. 'S ann an urra rinne a tha
feadhainn dhe na roinnidhean gann agus cudromach de bhith-iomadachd
na RA, agus tha sinn a' riochdachadh prìomh stòras airson
geo-iomadachd agus a ghlèidhteachas a thoirt fa chomhair
dhaoine.
Nuair a bha an t-urram agam cathair JNCC a ghabhail san Dàmhair
2007, chaidh a dhèanamh soilleir dhomh na dùbhlain a tha san obair:
ag obrachadh còmhla ri riaghaltasan sgaoilte gus dèanamh cinnteach
gun robh ionannachd air feadh na RA a thaobh bhuilean, gun a bhith
a' cur casg air iarrtasan agus dealas dùthchail, ach, aig an aon
àm, a' dèanamh cinnteach gu bheil an saoghal air fad ag
aithneachadh gu bheil oidhirpean glèidhteachais na RA comasach,
ciallach agus cuideachail. Tha mi toilichte gun urrainn dhomh a
ràdh, an dèidh a bhith a' dèanamh obair còmhla ri cathraichean
buidhnean glèidhteachais na dùthcha, còmhla ri oifigearan Defra,
agus ministearan taice, gur e mo bheachd gu bheil JNCC nas làidire
agus nas feumaile na bha e a-riamh, agus gu bheil e deiseil gus an
obair a choileanadh tro oidhirpean sàr luchd-obrach aig companaidh
taice JNCC.
A dh'aindeoin sin, tha mi a' sùileachadh atharrachaidhean san àm
a tha romhainn, leis an RA a' cur a h-aghaidh ri na dùbhlain a
nochd ri linn targaid bith-iomadachd 2010. Tha sinn airson ar
diofar oidhirpean fhoillseachadh gu h-èifeachdach, nuair a tha sinn
a' dol an sàs ann an dùbhlain ann an glèidhteachas mara aig àm sa
bheil riaghailtean a’ feuchainn ri ath-bheothachadh a thoirt air ar
marannan, agus an dèanamh nan àrainneachdan làidir agus sàbhailte
airson bith-iomadachd.
Ged a tha a h-uile càil a tha sin glè mhath, tha a' bhliadhna
2010 gus a bhith an seo, agus tha sinn mothachail gu bheil slighe
againn - gu nàiseanta agus air feadh an t-saoghail - ma tha sinn a'
dol a choileanadh na targaid a chaidh a stèidheachadh ann an 2002.
Ach, 's e sin a th' ann an targaid: targaid. Tha e a' cur nar
cuimhne cho mòr 's a tha obair an t-saoghail ann an gleidheadh,
manaidseadh agus ann a bhith a' dèanamh cleachdadh ciallach air ar
bith-iomadachd: tha gach nì dhiubh co-cheangailte ris a' Chùmhnant
air Iomadachd Bith-eòlach. Feumaidh sinn coimhead air 2010 mar àm
gus breith a thoirt air ar n-oidhirpean, gus sùil eile a thoirt
orra, agus gus dèanamh cinnteach gun dèan sinn nas fheàrr sna deich
bliadhna a tha romhainn.
Dè ma tha na prìomh rudan a choilean sinn sa bhliadhna ud?
Chanainn gur e gu bheil tuigse dhaoine a' meudachadh a thaobh seo:
lùthan ath-nuadhachail agus glèidhteachas nàdair - dà thaobh de
phoileasaidh math air an àrainneachd - gum faod e a bhith
nach eil iad an còmhnaidh co-fhreagarrach, agus tha e air leth
cudromach gum bi sinn mothachail air an seo. A thaobh seo, tha sinn
air cur ris an deasbad eadar-nàiseanta air bith-chonnadh, agus b' e
aon dhe na rudan a bu chudromaiche a rinn sinn sa bhliadhna,
aithris ullachadh a bha ag innse ar beachd air bith-chonnadh agus
bith-eugshamhlachd. Bidh buaidh aig bith-chonnadh, chan ann a-mhàin
san RA, ach gu h-eadar-nàiseanta, agus tha sinn air a bhith a'
rannsachadh na buaidhe seo tro ar prògram air buaidhean cruinneil.
Tha ar còmhdach tarraingeach (agus tha mi an dòchas gun toigh leibh
e) a' toirt sealladh air an iris seo a thaobh ola-pailme agus an
sgrios air coilltean tropaigeach ann an ear-dheas Àisia.
Tha sinn cuideachd a' leantainn air adhart le ar n-obair sna
Tìrean Thall Thairis, a' dèanamh dlùth obair còmhla ri riaghaltasan
nan dùthchannan sin agus na RA. Chaidh deagh adhartas a dhèanamh
am-bliadhna - am measg na chaidh a dhèanamh, chaidh ath-shealladh a
thoirt air prìomhachasan ann an glèidhteachas nàdair anns na
dùthchannan Thall Thairis; chaidh fiosrachadh mu eaconamas na
h-àrainneachd a chur an clò airson eileanan beaga; agus chaidh
neach-obrach fhastadh gus obrachadh air an Aonadh mu Ghlèidhteachas
Albatrosan agus Luaireagan ann an Ceann deas a' Chuain Shiar. Tha
seo a' sealltainn gu bheil JNCC a' dèanamh barrachd air a bhith a'
labhairt a-mhàin mu na Tìrean Thall Thairis - tha sinn a' cur
airgead annta, agus a' toirt cuideachadh dhaibh.
Tha ar n-obair ann an àrainneachd na mara air fiosrachadh a
thoirt do Bhile na Mara, agus air taic a thoirt do bhuidhnean ann
an diofar dhùthchannan nan oidhirpean anns na h-àrainneachdan mara
aca fhèin. Tha sinn a' leantainn leis an adhartas a tha sinn a'
dèanamh ann a bhith a' dearbh-aithneachadh làraich Natura 2000 san
àrainneachd mhara, agus tha sin a' gabhail a-steach
co-chomhairleachadh mu sheachd Raointean Glèidhteachais Sònraichte
bhàrr tìr a dh'fhaodadh a bhith freagarrach nan Làraich
Glèidhteachais, agus a' dèanamh dlùth sgrùdadh air dàta gus Làraich
airson Dìon Sònraichte a lorg. Tha an obair seo leantainneach, agus
tha i a' dol gu math le oidhirpean ar co-oibrichean ann am
buidhnean glèidhteachais dùthchail.
Cuideachd ann an àrainneachd na mara, tha sinn toilichte gum
faigh sinn air co-dhùnadh a' phròiseict Mapadh Àrainneachdan
Grunnd-mara na Roinn-Eòrpa (MESH) fhoillseachadh - gun teagamh,
ceum cudromach ann a bhith a' foillseachadh mhapaichean airson
àrainnean grunnd na mara ann an iar-thuath na Roinn-Eòrpa. Bidh seo
na bhun-stèidh ann am planadh farsaingeachd na mara, na thaic ann
an leasachadh stiùiridh, agus meudaichidh e aithne na RA a thaobh a
cuid uallaich ann a bhith a' cumail smachd air àrainneachd mara na
Roinn-Eòrpa.
Tha sinn cuideachd air a bhith ag obair còmhla ri ar
co-oibrichean san riaghaltas agus ann am buidhnean glèidhteachais
dùthchail ann a bhith ag ullachadh na dara aithisg sia-bliadhna air
co-chur Riaghailt nan Àrainnean (a' gabhail a-steach mheasaidhean
air inbhe glèidhteachais àrainnean agus ghnèithean a th' air an
liostadh ann am pàipearan-taice na Riaghailt), agus ath-shealladh
air Plana Gnìomh Bith-iomadachd na RA air prìomh àrainnean agus
gnèithean, agus tha sinn air a bhith ag obair air ro-innleachd
airson dlùth-choimhead air bith-iomadachdna RA - agus ma thèid an
ro-innleachd seo a choileanadh, bidh fìor fhios againn air na tha
a' meudachadh, a' lùghdachadh, agus na tha cunbhalach san
àrainneachd mhì-chinnteach anns a bheil sinn aig an àm seo.
Ann an 2007, dh'fhoillsich Defra Conserving Biodiversity – a UK
Approach, a tha a' toirt geàrr-chunntas air diofar raointean a
dh'fheumte a cho-òrdanachadh san RA, agus a tha a' cur aithne air
an dreuchd chudromaich a th' aig JNCC. 'S e co-obrachadh agus
co-òrdanachadh as motha a th' anns an obair seo, agus rinn mi
iomradh air an seo aig an toiseach. Bu chòir dhomh cuideachd
iomradh a thoirt air Sealladh air Glèidhteachas Geòlach, a tha sinn
fhathast a' dèanamh: tha iad seo a' mìneachadh nam feartan
geo-iomadachd ann am Breatainn a tha a' cur feum air gleidheil is
stiùireadh. Tha sinn, mean air mhean, a' tighinn gu tuigse air mar
a tha saidheans na talmhainn gar cuideachadh ann a bhith a'
leasachadh dòigh-obrach glèidhteachais, agus a tha a' dèanamh
aithne air crìochan, ach a tha cuideachd gam filleadh a-steach ann
am planadh rianail.
Sa bhliadhna a tha romhainn, bidh sinn a' toirt dlùth shealladh
air na tha sinn a' lìbhrigeadh de dh'iarrtasan an riaghaltais, agus
air mar a tha sinn, còmhla ri buidhnean glèidhteachais dùthchail,
a' dèanamh Bhreatainn na àite nas fheàrr airson bith-iomadachd -
agus tha sin a' ciallachadh àite nas fheàrr air ar son-ne
cuideachd!
Thàinig Adrian Darby, a bh' anns an dreuchd romham, gu deireadh
ùine sa bhliadhna ud, agus tha mi airson na rinn e aideachadh.
Cuideachd, thàinig an t-Àrd-ollamh David Ingram gu deireadh ùine,
agus tha sinn a' leigeil beannachd leis-san, an dèidh dèagh ùine na
Iar-chathraiche. Tha an t-Oll Lynda Warren a-nise na
h-Iar-chathraiche. Agus, mu dheireadh, tha mi airson iomradh a
thoirt air na deagh dhàimhean obrach a th' agam le Defra, le
cathraichean agus luchd-obrach nam buidhnean glèidhteachais
dùthchail, le na buill eile air a' Chomataidh agam, agus gu
sònraichte, le luchd-obrach companaidh taic JNCC.
Dr Peter Bridgewater
Cathraiche, JNCC